Album Cover A Phiuthrag 's a Phiuthar

A Phiuthrag 's a Phiuthar

Julie Fowlis

3

A′ phiuthrag sa phiuthar, Hù rù

Ghaoil a phiuthar, Hù rù

Nach truagh leat fhèin, Hò hol ill leò

Nochd mo chumha, Hù rù

Nach truagh leat fhèin, Hù rù

Nochd mo chumha, Hù rù

'S mi ′m bothan beag, Hò hol ill leò

Ìseal, cumhag, Hù rù

'S mi 'm bothan beag, Hù rù

Ìseal, cumhag, Hù rù

Gun lùb sìomain, Hò hol ill leò

Gun ghad tughaidh, Hù rù

Gun lùb sìomain, Hù rù

Gun ghad tughaidh, Hù rù

′S uisge nam beann, Hò hol ill leò

Sìos na shruth leis, Hù rù

′S uisge nam beann, Hù rù

Sìos na shruth leis, Hù rù

'S mise bhean bhochd, Hò hol ill leò

Chianail, dhuilich, Hù rù ùhù

′S mise bhean bhochd, Hù rù

Chianail, dhuilich, Hù rù

Dhìrich mi suas, Hò hol ill leò

Beinn an Sgrìobain, Hù rù

Dhìrich mi suas, Hù rù

Beinn an Sgrìobain, Hù rù

'S Laigheabhal Mhòr, Hò hol ill leò

Nan each grìs-fhionn, Hù rù

′S Laigheabhal Mhòr, Hù rù

Nan each grìs-fhionn, Hù rù

Cha d' fhuair mi ann, Hò hol ill leò

Na bha dhìth orm, Hù rù

Cha d′ fhuair mi ann, Hù rù

Na bha dhìth orm, Hù rù

Tè bhuidhe, 's a, Hò hol ill leò

Falt mar dhìthein, Hù rù ùhù

A' phiuthrag sa phiuthar, Hù rù

Ghaoil a phiuthar, Hù rù

Phiuthrag sa phiuthar, Hù rù

Lagu lain oleh Julie Fowlis